Agus air dha Nàsaret fhàgail, thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an Capernàum, a tha ri taobh na fairge, ann an leth-iomall Shabuloin agus Nephtalim:
Agus mu Naphtali thubhairt e, O Naphtali, sàsaichte le deagh-ghean, agus làn de bheannachadh an Tighearna, sealbhaich thusa an àird an iar agus an àird a deas.
Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fo chìs dhaibh.
Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;