Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Umah mar an ceudna, agus Aphec, agus Rehob: dà mhòr-bhaile ar fhichead lem bailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd-mìle-fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar-cùil.

A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Shìdoin, agus dèan fàistneachd na h‑aghaidh.

De threubh Iòseiph, eadhon de threubh Mhanaseh, Gadi mac Shusi.

Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon;

On taobh mu dheas, uile fhearann nan Canàanach, agus Mearah, a tha làimh ris na Sìdonaich, gu Aphec, gu crìch nan Amorach;

Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:

Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;

Is i sin oighreachd treubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.

Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:

A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel.

Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben-eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan