Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;
Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.
Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh.