Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

An sin thàinig iad gu Gilead, agus gu fearann ìochdarach Hodsi; agus thàinig iad gu Dan-iaan, agus mun cuairt gu Sìdon.

Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.

Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.

Bithibh tosdach, a luchd-àiteachaidh an eilein: lìonadh thu le ceannaichean Shìdoin, a tha a’ siubhal thar cuan.

Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean.

A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Shìdoin, agus dèan fàistneachd na h‑aghaidh.

Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile; agus bha màthair Iosa an sin.

Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann.

An sin thàinig Iosa a‑rìs do Chana Ghalile, far an do rinn e fìon den uisge. Agus bha duine cumhachdach àraidh, aig an robh a mhac gu tinn ann an Capernàum.

Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:

Agus cha robh fear-saoraidh ann, a chionn gu robh e fada o Shìdon, agus nach robh gnothach aca ri duine sam bith: agus bha e anns a’ ghleann a tha làimh ri Bet-rehob: agus thog iad baile, agus ghabh iad còmhnaidh ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan