A‑nis uime sin cuir fios, cruinnich am ionnsaigh-sa Israel uile gu sliabh Charmeil, agus fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud, agus fàidhean nan doire, ceithir cheud, a tha ag ithe aig bòrd Iesebeil.
Agus chaidh Ahab suas a dh’ithe agus a dh’òl: agus chaidh Eliah suas gu mullach Charmeil, agus thilg e e fhèin sìos air an talamh, agus chuir e a aghaidh eadar a ghlùinean;
Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.
Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.
Led luchd-muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.
Mar as beò mise, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh, gu deimhinn mar Thabor am measg nam beann, agus mar Charmel ri taobh na fairge, thig e.
Agus a’ tilleadh leth ri èirigh na grèine gu Bet-dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah-el, leth ris an taobh mu thuath de Bhet-emec, agus Neiel, agus a’ dol a‑mach gu Cabul air an làimh chlì;
Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.