Agus b’i an crìoch Helcat, agus Hali, agus Beten, agus Achsaph,
Agus rug gach fear dhiubh air ceann a chompanaich, agus shàth e a chlaidheamh ann an lethtaobh a chompanaich, agus thuit iad sìos cuideachd: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin Helcat-hasurim, a tha ann an Gibeon.
Agus nuair a chuala Iabin rìgh Hasoir na nithean sin, chuir e fios gu Iobab rìgh Mhadoin, agus gu rìgh Shimroin, agus gu rìgh Achsaiph,
Rìgh Shimron-meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon;
Agus thàinig an còigeamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean.
Agus Alamelech, agus Amad, agus Miseal; agus tha i a’ ruigheachd gu Carmel air an làimh an iar, agus gu Sihor-libnat;
Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.