Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an còigeamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus mic Shilpah, banoglach Lèah: Gad agus Aser. Is iad sin mic Iàcoib, a rugadh dha ann am Padan-àram.

Baanah mac Husai ann an Aser, agus ann am Balot:

Agus làimh ri crìch Dhain, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Aser.

B’i sin oighreachd treubh chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

Agus b’i an crìoch Helcat, agus Hali, agus Beten, agus Achsaph,

Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:

Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan