Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Mac Dhecair ann am Macas, agus ann an Saalbim, agus ann am Bet-semes, agus ann an Elon, agus ann am Bet-hanan:

Agus do mhic Ghersoim air feadh an teaghlaichean, thugadh o threubh Isachair, agus o threubh Aseir, agus o threubh Naphtali, agus o threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.

Don chuid eile de chloinn Mherari, thugadh o threubh Shebuluin, Rimon le a fhearann co‑roinn, Tabor le a fhearann co‑roinn:

Chruthaich thusa an àird a tuath agus an àird a deas; nì Tabor agus Hermon gàirdeachas ann ad ainm.

Mar as beò mise, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh, gu deimhinn mar Thabor am measg nam beann, agus mar Charmel ri taobh na fairge, thig e.

Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot-taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia,

Agus Remet, agus Enganim, agus Enhadah, agus Bet-pases;

B’i sin oighreachd treubh chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

Agus Iron, agus Migdal-el, Horem, agus Bet-hanat, agus Bet-semes; naoi mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet-semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.

Agus dh’innis iad do Shisera gun deachaidh Barac mac Abinoaim suas gu sliabh Thaboir.

Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan