Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aca nan oighreachd, Beer-sèbah, agus Sèbah, agus Moladah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer-sèba.

Uime sin, thug e Beer-sèba mar ainm air an àite sin; do bhrìgh an sin gun tug iad am mionnan le chèile.

Amam, agus Sema, agus Moladah,

Agus Hasar-sual, agus Beer-sèba, agus Bis-iotiah,

Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd-san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.

Agus Hasar-sual, agus Balah, agus Asem,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan