Uime sin dh’iarr iad gruagach mhaiseach air feadh uile chrìochan Israeil, agus fhuair iad Abisag, ban-Sunamach, agus thug iad i a dh’ionnsaigh an rìgh.
Agus thachair air là àraidh gun deachaidh Elisa thairis gu Sunam, far an robh bean mhòr; agus chuir i impidh air aran ithe. Agus ge bè uair a rachadh e seachad, thionndaidheadh e a‑steach an sin a dh’ithe arain.
Agus chaidh rìgh Ioram air ais gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha ann an Ramot, nuair a chog e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria: agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.
Ach thill rìgh Ioram gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha, nuair a chog e ri Hasael rìgh Shiria). Agus thubhairt Iehu, Mas e ur toil e, na rachadh neach air bith a‑mach, agus na teicheadh e as a’ bhaile, gu dol ga innse ann an Iesreel.
Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.
Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile, agus thàinig iad agus champaich iad ann an Sunem: agus chruinnich Saul Israel uile an ceann a chèile, agus champaich iad ann an Gilbòa.