Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot-taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia,
Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim;
Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.
Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;