Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph.
Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.
Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim;
A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd-san.