Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Nam fearann cha bhi oighreachd agad, cha mhò a bhios roinn agad nam measg: is mise do roinn-sa agus d’oighreachd am measg chloinn Israeil.

Ach nì na Lèbhithich seirbhis pàillean a’ choitheanail, agus giùlainidh iad an cionta: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nach bi oighreachd sam bith aca am measg chloinn Israeil.

Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

Uime sin chan eil aig Lèbhi roinn no oighreachd maille ra bhràithrean: is e an Tighearna as oighreachd dha, a rèir mar a gheall an Tighearna do Dhia dha.

Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.

Ach do threubh Lèbhi cha tug Maois oighreachd: b’e an Tighearna Dia Israeil e fhèin an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan