Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd.

Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.

Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.

Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.

Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna a thoirt do na naoi treubhan, agus don leth-threubh.

Agus nuair a sgrios e seachd cinnich ann an tìr Chanàain, roinn e am fearann orrasan le crannchur.

Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth-threubh.

Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean.

Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.

Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan