Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh?
Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
Agus nuair a chaidh e a‑mach mu thimcheall na h‑aon-uaire-deug, fhuair e dream eile nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur seasamh an seo feadh an là dìomhanach?
Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.
A‑nis bha Iosua sean agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan; agus thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa sean agus air teachd air d’aghaidh ann am bliadhnachan, agus tha fhathast ro‑mhòran fearainn ra shealbhachadh.
Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd-san, agus thig iad am ionnsaigh-sa a‑rìs.
Agus thubhairt iad, Eiribh agus rachamaid suas nan aghaidh; oir chunnaic sinne an tìr, agus, feuch, tha i ro‑mhath; agus a bheil sibhse nur tàmh? Na bithibh leisg gu imeachd, agus gu dol a‑steach a shealbhachadh na tìre.