Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Shauil, agus a mhic Ionatan, ann an tìr Bheniàmin ann an Selah, ann an àit-adhlacaidh Chis, a athair. Agus rinn iad gach nì a dh’àithn an rìgh: agus na dhèidh sin bha Dia rèidh ris an tìr.

Heleb mac Bhaanah, an Netophatach, Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin.

Agus dh’imich an rìgh agus a dhaoine gu Ierusalem, a dh’ionnsaigh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh na tìre, a labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Cha tig thu a‑steach an seo mura toir thu air falbh na doill agus na bacaich; ag ràdh, Cha tig Daibhidh a‑steach an seo.

Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais-uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh.

Sin cinn nan athraichean, a rèir an ginealaichean, cinn-fheadhna. Bha iad sin a chòmhnaidh ann an Ierusalem.

Chaidh iad a‑null air an aiseag; ann an Gebah ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh.

Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.

O Israeil, chiontaich thu nas mò na ann an làithean Ghibeah: an sin sheas iad: nach do rug an cath orra ann an Gibeah.

Mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: o Bhelah, teaghlach nam Belahach: o Asbel, teaghlach nan Asbeleach: o Ahiram, teaghlach nan Ahiramach:

Do mhòran bheir thu nas mò de oighreachd, agus do bheagan bheir thu nas lugha de oighreachd: bheirear a oighreachd fhèin do gach aon, a rèir an àireimh.

Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath.

Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu ceann na beinne, a tha fa chomhair gleann mac Hinoim, a tha ann an gleann nam famhairean air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu gleann Hinoim, gu taobh Iebusi air an làimh dheis, agus ghabh i sìos gu En‑rogel.

Agus Rechem, agus Irpeel, agus Taralah,

Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd-san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.

Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Ach cha b’àill leis an duine fantainn an oidhche sin, ach dh’èirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis (is e sin Ierusalem): agus bha maille ris dà asal len dìollaidean; bha mar an ceudna a choileabach maille ris.

Agus chaidh Saul mar an ceudna dhachaigh gu Gibeah, agus chaidh maille ris daoine treuna, aig an do bhean Dia rin cridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan