Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gibeon, agus Ramah, agus Beerot,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Abner mac Neir, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil a‑mach o Mhahanaim gu Gibeon.

Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin:

Agus chaidh Baasa rìgh Israeil suas an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.

Dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh an dara uair, mar a dh’fhoillsich e e fhèin dha ann an Gibeon.

Agus ann an Gibeon bha Iehiel, athair Ghibeoin, a chòmhnaidh; agus b’e ainm a mhnà Maachah;

Mic Ramah agus Gheba, sia ceud, fichead agus a h‑aon.

Chaidh iad a‑null air an aiseag; ann an Gebah ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh.

Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.

Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann.

Agus air teachd don fheasgar, thàinig duine saoibhir o Arimatèa, dom b’ainm Iòseph, a bha e fhèin na dheisciobal aig Iosa mar an ceudna.

Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.

Agus Sanòah, agus Enganim, Tapuah, agus Enam,

Agus Chephar-haamonai, agus Ophni, agus Gabah: dà mhòr-bhaile dheug lem bailtean beaga.

Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah,

Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;

Agus à treubh Bheniàmin, Gibeon le a fhearann co‑roinn, Gebah le a fhearann co‑roinn,

Agus thug e leis teaghlach Iùdah; agus ghabh e teaghlach nan Sarhitheach: agus thug e leis teaghlach nan Sarhitheach a lìon fear is fear; agus ghabhadh Sabdi.

Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.

Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,

Agus thubhairt a mhaighistir ris, Cha tionndaidh sinn a‑steach an seo gu baile coigrich, nach eil de chloinn Israeil, ach gabhaidh sinn thairis gu Gibeah.

Agus thubhairt e ra òganach, Thig, agus tàirngeamaid am fagas do aon de na h‑àitean sin gu fantainn rè na h‑oidhche, ann an Gibeah, no ann an Ramah.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan