Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd-reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth-mharbh.
Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Beth-oglah, agus ghabh i air a h‑aghaidh air an taobh mu thuath de Bhet-arabah; agus chaidh a’ chrìoch suas gu cloich Bhohain mhic Reubein.
Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen.
Agus ghabh a’ chrìoch thairis gu taobh Bhet-hoglah mu thuath; agus bha dol a‑mach na crìche aig an lùib mu thuath den mhuir shalainn, aig ceann Iòrdain mu dheas. B’i sin a’ chrìoch mu dheas.
Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.
Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.