Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh a’ chrìoch thairis gu taobh Bhet-hoglah mu thuath; agus bha dol a‑mach na crìche aig an lùib mu thuath den mhuir shalainn, aig ceann Iòrdain mu dheas. B’i sin a’ chrìoch mu dheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad sin uile ann an co‑bhainn ri chèile ann an gleann Shidim, a tha a‑nis na fhairge shalainn.

Agus sgrios e na bailtean sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd-àiteachaidh nam bailtean, agus na dh’fhàs air an talamh.

Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram.

An sin bidh ur ceàrna dheas bho fhàsach Shin, leth ri crìch Edoim, agus is i ur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge saillte a làimh na h‑àird an ear.

An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot-pisgah a làimh na h‑àird an ear.

Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah:

Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.

Agus ghabh i air a h‑aghaidh a‑chum an taoibh thall fa chomhair Arabah mu thuath, agus chaidh i sìos gu Arabah;

Agus b’i Iòrdan a’ chrìoch air an làimh an ear. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, le a crìochan mun cuairt a rèir an teaghlaichean.

An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan