Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu ceann na beinne, a tha fa chomhair gleann mac Hinoim, a tha ann an gleann nam famhairean air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu gleann Hinoim, gu taobh Iebusi air an làimh dheis, agus ghabh i sìos gu En‑rogel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhan Ionatan agus Ahimaas làimh ri En‑rogel; (oir chan fhaodadh iad a bhith air am faicinn a’ dol a‑steach don bhaile:) agus chaidh cailinn agus dh’innis i dhaibh; agus chaidh iadsan agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh.

Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.

Agus mharbh Adoniah caoraich agus buar, agus sprèidh reamhar làimh ri cloich Shohelet, a tha làimh ri Enrogel; agus thug e cuireadh da bhràithrean uile, mic an rìgh, agus do fhir Iùdah uile, seirbhisich an rìgh.

Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mac Hinnoim, a‑chum is nach faodadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol tron teine do Mholech.

Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.

Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

Agus their thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Amhail seo brisidh mise an sluagh seo, agus a’ chathair seo, mar a bhriseas neach soitheach a’ chreadhadair, nach faodar a shlànachadh a‑rìs; agus adhlaicear daoine ann an Tophet, gus nach bi àite ann gu adhlacadh.

Agus thèid thu a‑mach gu gleann mac Hinoim, a tha fa chomhair a’ gheata Harsit, agus glaodhaidh tu anns an àite sin na briathran a labhras mise riut;

Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar ris an àite seo nas mò Tophet, no gleann mac Hinoim, ach gleann a’ mharbhaidh.

Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.

Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine.

Ach cha b’àill leis an duine fantainn an oidhche sin, ach dh’èirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis (is e sin Ierusalem): agus bha maille ris dà asal len dìollaidean; bha mar an ceudna a choileabach maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan