Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat-iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iòrdain: agus bha a’ chrìoch air an taobh mu thuath o lùib na mara, aig a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Iòrdan.

Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat-iearim.)

Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet-horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar.

Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan