Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 18:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris.

Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh-se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet-abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna.

Sèidibh-se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet-abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin!

Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil,

Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph.

Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.

An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.

A‑nis bha Iericho air a dhruideadh suas gu teann, ro chloinn Israeil; cha deachaidh neach air bith a‑mach, agus cha tàinig neach air bith a‑steach.

Agus chuir Iosua daoine o Iericho gu Ai, a tha làimh ri Betabhen, air an taobh an ear de Bhetel, agus labhair e riu, ag ràdh, Rachaibh suas, agus rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus chaidh na daoine suas, agus rannsaich iad a‑mach Ai.

Agus rinn Iosua agus Israel uile mar gum buailte iad romhpa, agus theich iad rathad an fhàsaich.

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan