Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 17:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann-mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus rug a phiuthar Hamolecet Isod, agus Abieser, agus Mahalah.

Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad-ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad-ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear-cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.

Ach aig Selophehad mac Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, cha robh mic, ach nigheanan: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah.

Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar-bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich.

Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan