Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 17:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair Iosua ri taigh Iòseiph, ri Ephraim, agus ri Manaseh, ag ràdh, Is sluagh mòr thu, agus tha cumhachd mòr agad; cha bhi agad aon chrannchur a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.

Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.

Ach bidh an sliabh agadsa, oir is coille e; agus gearraidh tu sìos i: agus bidh a dhol a‑mach agad: oir fògraidh tu a‑mach na Canàanaich, ged tha carbadan iarainn aca, agus ged tha iad làidir.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan