Iosua 17:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil. Faic an caibideil |
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.
Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet-sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh En‑doir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon trì dùthchannan.