Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 17:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iosua iad, Mas sluagh mòr thu, imich suas don choilltich, agus geàrr sìos dhut fhèin àit an sin ann am fearann nam Peridseach agus nam famhairean, ma tha sliabh Ephraim ro chumhang dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canàanach agus am Peridseach anns an àm sin a chòmhnaidh anns an tìr.

Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug thàinig Cedorlaòmer agus na rìghrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Sudsimich ann an Ham, agus na h‑Emimich ann an Sabheh Ciriataim,

Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich,

Agus chaidh an sluagh a‑mach don mhachair an aghaidh Israeil: agus bha an cath ann an coille Ephraim.

Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.

Agus thàinig na Philistich a‑nìos a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.

Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach.

Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;

Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.

Agus labhair clann Iòseiph ri Iosua, ag ràdh, Carson nach tug thu dhòmhsa ach aon chrannchur agus aon chuibhreann rin sealbhachadh, agus gur sluagh mòr mi, agus gun do bheannaich an Tighearna mi gus a seo?

Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.

Agus bha duine de shliabh Ephraim, dom b’ainm Micah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan