Agus chunnaic e gum bu mhath an nì fois, agus gu robh am fearann taitneach; agus chrom e a ghualainn gu iomchar, agus rinneadh e na sheirbhiseach do chìs.
A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.
Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.
Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a‑mach luchd-àiteachaidh Chitroin no luchd-àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg, agus bha iad fo chìs dhaibh.
Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fo chìs dhaibh.
Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh.