Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 17:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh cha b’urrainn clann Mhanaseh luchd-àiteachaidh nam bailtean sin fhògradh a‑mach; ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an tìr sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An clann a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach b’urrainn clann Israeil a sgrios gu tur, dhiùbhsan thog Solamh daor-chìs gus an là‑an‑diugh.

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan