Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 17:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet-sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh En‑doir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon trì dùthchannan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis-ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet-sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa:

Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir.

Agus nuair a chunnaic Ahasiah rìgh Iùdah seo, theich e rathad taigh an liosa: agus lean Iehu na dhèidh, agus thubhairt e, Buailibh esan mar an ceudna na charbad. Agus bhuail iad e aig uchdaich Ghuir, a tha làimh ri Ibleam: agus theich e gu Megido, agus fhuair e bàs an sin.

Agus o leth-threubh Mhanaseh: Aner le a fhearann co‑roinn, agus Bileam le a fhearann co‑roinn, airson teaghlach chloinn Chohait a dh’fhàgadh.

Agus làimh ri cloinn Mhanaseh, Bet-sean agus a bhailtean, Taanach agus a bhailtean, Megido agus a bhailtean, Dor agus a bhailtean. Annta sin ghabh clann Iòseiph, mac Israeil, còmhnaidh.

Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido.

A sgriosadh aig En‑dor, a rinneadh mar aolach don talamh.

Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.

Anns an là sin bidh cumha mhòr ann an Ierusalem, cosmhail ri cumha Hadadrimoin, ann an gleann Mhegidoin.

Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar;

Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon;

Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon;

Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.

An taobh mu dheas bu le Ephraim, agus an taobh mu thuath bu le Manaseh, agus b’i an fhairge a chrìoch, agus choinnich iad a chèile ann an Aser air an taobh mu thuath, agus ann an Isachar air an taobh an ear.

Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.

Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-seain agus a bhailtean, no Thaanaich agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Ibleaim agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean: ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an fhearann sin.

Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid.

An sin thubhairt Saul ra sheirbhisich, Iarraibh dhòmhsa bean aig a bheil leannan-sìdh, agus thèid mi da h‑ionnsaigh, agus fiosraichidh mi dhith. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch, tha bean aig a bheil leannan-sìdh ann an En‑dor.

Agus chuir iad a armachd ann an taigh Astaroit: agus spàrr iad a chorp ri balla Bhet-sain.

Dh’èirich na daoine treuna uile, agus dh’imich iad rè na h‑oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, o bhalla Bhet-sain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan