Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 16:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.

Agus b’iad an seilbh agus an àiteachan-còmhnaidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h‑àird an ear Naaran, agus a làimh na h‑àird an iar Gèser le a bhailtean, Sechem mar an ceudna agus a bhailtean, gu ruig Gàsa agus a bhailtean.

Agus làimh ri crìch Mhanaseh, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim.

Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.

Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean.

Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu sruth Chanah mu dheas den t‑sruth: bha bailtean sin Ephraim am measg bailtean Mhanaseh; bha mar an ceudna crìoch Mhanaseh air an taobh mu thuath den t‑sruth, agus bha a dol a‑mach aig an fhairge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan