Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 16:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.

Agus b’iad an seilbh agus an àiteachan-còmhnaidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h‑àird an ear Naaran, agus a làimh na h‑àird an iar Gèser le a bhailtean, Sechem mar an ceudna agus a bhailtean, gu ruig Gàsa agus a bhailtean.

Agus làimh ri crìch Mhanaseh, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim.

Agus a‑thaobh na crìche an iar, bidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bidh a’ chrìoch seo na crìch dhuibh air an làimh an iar.

Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon;

Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.

Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h‑aghaidh air an làimh dheis gu luchd-àiteachaidh En‑tapuah.

Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan