Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach:
Agus b’iad an seilbh agus an àiteachan-còmhnaidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h‑àird an ear Naaran, agus a làimh na h‑àird an iar Gèser le a bhailtean, Sechem mar an ceudna agus a bhailtean, gu ruig Gàsa agus a bhailtean.
Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.
Agus chaidh a’ chrìoch thairis o sin gu Luds, gu taobh Luds (is e sin Betel) ri deas, agus chaidh a’ chrìoch sìos gu Atarot-adar, am fagas don t‑sliabh a tha air an taobh dheas de Bhet-horon ìochdarach.