Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 16:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha e a’ dol a‑mach o Bhetel gu Luds, agus a’ gabhail seachad gu crìochan Archi gu Atarot,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann.

Uime sin thàinig Husai caraid Dhaibhidh don bhaile, agus thàinig Absalom gu Ierusalem.

Agus nuair a thàinig Husai an t‑Arcach, caraid Dhaibhidh, a dh’ionnsaigh Absaloim, thubhairt Husai ri Absalom, Guma fada beò an rìgh, guma fada beò an rìgh.

Agus b’e Ahitophel comhairleach an rìgh, agus Husai an t‑Architheach companach an rìgh.

Agus b’iad an seilbh agus an àiteachan-còmhnaidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h‑àird an ear Naaran, agus a làimh na h‑àird an iar Gèser le a bhailtean, Sechem mar an ceudna agus a bhailtean, gu ruig Gàsa agus a bhailtean.

Agus chaidh a’ chrìoch thairis o sin gu Luds, gu taobh Luds (is e sin Betel) ri deas, agus chaidh a’ chrìoch sìos gu Atarot-adar, am fagas don t‑sliabh a tha air an taobh dheas de Bhet-horon ìochdarach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan