Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 16:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir.

Chaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit suas, agus ghlac e Gèser, agus loisg e e le teine, agus mharbh e na Canàanaich a bha a chòmhnaidh anns a’ bhaile, agus thug e e mar thìodhlac da nighinn, bean Sholaimh.

An clann a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach b’urrainn clann Israeil a sgrios gu tur, dhiùbhsan thog Solamh daor-chìs gus an là‑an‑diugh.

Den cloinn a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach do sgrios clann Israeil, dhiubhsan thog Solamh cìs gus an là‑an‑diugh.

An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.

Gidheadh cha b’urrainn clann Mhanaseh luchd-àiteachaidh nam bailtean sin fhògradh a‑mach; ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an tìr sin.

Gidheadh thàrladh, nuair a dh’fhàs clann Israeil làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhògair iad gu tur a‑mach iad.

Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan