Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 16:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mic Racheil: Iòseph agus Beniàmin;

Agus làimh ri crìch Mhanaseh, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim.

Anns an fhàsach, Bet-arabah, Midin, agus Secacah,

Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen.

Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.

Agus rinn Iosua agus Israel uile mar gum buailte iad romhpa, agus theich iad rathad an fhàsaich.

Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu.

Agus chuir taigh Iòseiph daoine a rannsachadh a‑mach Bheteil: (a‑nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Luds).

Dhaibhsan a bha ann am Betel, agus dhaibhsan a bha ann an Ramot mu dheas, agus dhaibhsan a bha ann an Iater,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan