Agus thàinig teachdairean, agus dh’innis iad do Iehosaphat ag ràdh, Tha sluagh mòr a’ teachd ort a‑nall thar fairge, agus o Edom; agus, feuch, tha iad ann an Hasason-tàmar; is e sin En‑gedi.
Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor.
A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.