Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat-iearim.)
Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet-horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar.
Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.
Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd-àiteachaidh Chiriat-iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh.
Agus thàinig daoine Chiriat-iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a‑steach i do thaigh Abinadaib ann an Gibeah, agus naomhaich iad a mhac Eliàsar, a ghleidheadh àirc an Tighearna.