Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Beth-oglah, agus ghabh i air a h‑aghaidh air an taobh mu thuath de Bhet-arabah; agus chaidh a’ chrìoch suas gu cloich Bhohain mhic Reubein.
Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iòrdain: agus bha a’ chrìoch air an taobh mu thuath o lùib na mara, aig a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Iòrdan.
Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus ri tuath ag amharc ri Gilgal, a tha fa chomhair uchdach Aduimim, a tha air taobh deas na h‑aibhne; agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachan En‑semeis, agus bha a’ dol a‑mach aig En‑rogel.
Agus thàirngeadh i on taobh mu thuath, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu En‑semes, agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh Ghelilot, a tha thall fa chomhair uchdach Adumim, agus ghabh i sìos gu cloich Bhohain mhic Reubein.