Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:56

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanòah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A‑nis b’iad seo mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ciad-ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan-Iesreelach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan-Charmeleach:

Agus rug a bhean, Iehudiah, Iered athair Ghedoir, agus Heber athair Shocho, agus Iecutiel athair Shanòah. Agus is iad sin mic Bhitiah nighean Phàraoh, a ghabh Mered na mnaoi.

Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.

Geata a’ ghlinne chàraich Hanun, agus luchd-àiteachaidh Shanòah: thog iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus mìle làmh-choille den bhalla, gu ruig geata an aolaich.

Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah,

Càin, Gibeah, agus Timnah: deich bailtean mòra lem bailtean beaga.

Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.

Agus b’i an crìoch Iesreel, agus Chesulot, agus Sunem,

Ghabh Daibhidh cuideachd Ahinoam o Iesreel; agus bha iad mar an ceudna le chèile nam mnathan aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan