Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:55

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Hesrai an Carmeleach, Paarai an t‑Arbach,

Agus chaidh Ahab suas a dh’ithe agus a dh’òl: agus chaidh Eliah suas gu mullach Charmeil, agus thilg e e fhèin sìos air an talamh, agus chuir e a aghaidh eadar a ghlùinean;

A‑nis b’iad mic Chàleib, bràthair Ierahmeeil, Mesa a chiad-ghin; b’esan athair Shiph; agus mic Mharesah athair Hebroin.

Agus b’e mac Shamai Maon; agus b’e Maon athair Bhet-suir.

Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,

Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.

Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Siph, agus Telem, agus Bealot,

Agus Humtah, agus Ciriat-arbah (is e sin Hebron), agus Sior; naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.

Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanòah,

Agus Alamelech, agus Amad, agus Miseal; agus tha i a’ ruigheachd gu Carmel air an làimh an iar, agus gu Sihor-libnat;

Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet-semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.

Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.

Agus dh’èirich iad, agus chaidh iad gu Siph ro Shaul: ach bha Daibhidh agus a dhaoine ann am fàsach Mhaoin, anns a’ chòmhnard air an taobh deas de Iesimon.

Agus chaidh Saul agus a dhaoine ga iarraidh; agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e a‑nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus nuair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin.

Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel.

Agus a‑nis chuala mi gu bheil luchd-lomairt chaorach agad: a‑nis do bhuachaillean-sa, a bha maille rinn, cha do rinn sinn cron orra, cha mhò a dh’ionndrainneadh nì sam bith leo rè na h‑aimsir a bha iad ann an Carmel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan