Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.
Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.
Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.
Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach.
Agus na h‑Abhaich a bha a chòmhnaidh ann an Haserim, eadhon gu Gadsa, sgrios na Caphtoraich a thàinig a‑mach à Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite.
O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich:
Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas.