Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.
Agus gearraidh mi am fear-àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat-rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah.
Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.