Agus os cionn nan craobh-ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.
Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha.
Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.
Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.
Agus a’ tilleadh leth ri èirigh na grèine gu Bet-dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah-el, leth ris an taobh mu thuath de Bhet-emec, agus Neiel, agus a’ dol a‑mach gu Cabul air an làimh chlì;