Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Lachis, agus Boscat, agus Eglon,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem; agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin.

Agus chuir Heseciah rìgh Iùdah teachdairean gu rìgh Asiria do Lachis, ag ràdh, Chiontaich mi; till uam: an nì a chuireas tu orm, giùlainidh mi. Agus chuir rìgh Asiria air Heseciah rìgh Iùdah trì cheud tàlann airgid, agus deich-tàlannan-fichead òir.

Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.

Agus thill Rab-saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.

Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon-bhliadhna-deug ar fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iedidah, nighean Adaiah o Bhoscat.

Uime sin chuir Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, fios gu Hoham rìgh Hebroin, agus gu Piram rìgh Iarmuit, agus gu Iaphia rìgh Lachis, agus gu Debir rìgh Egloin, ag ràdh,

Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, o Lachis gu Eglon, agus champaich iad na aghaidh, agus chog iad na aghaidh:

Agus Dilean, agus Mispeh, agus Iocteel,

Agus Cabon, agus Lahmas, agus Citlis,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan