Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich-ar‑fhichead, agus os cionn an deich-ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach,
Agus os cionn nan craobh-ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.
Agus dh’èirich fir Israeil agus Iùdah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an tig thu gu gleann agus gu geatachan Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònte de na Philistich air an t‑slighe gu Sàraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron.