Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns a’ chòmhnard, Estaol, agus Soreah, agus Asnah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus teaghlaichean Chiriat-iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.

Agus Sorah, agus Aialon, agus Hebron, a tha ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin, nam bailtean daingnichte.

Agus thàinig iad gu sruth Escoil, agus gheàrr iad sìos as a sin geug le aon bhagaid fhìondhearc, agus ghiùlain iad i eadar dithis air luirg: agus thug iad leo de na pomgranatan, agus de na fìgean.

Agus Lebaot, agus Silhim, agus Ain, agus Rimon: b’iad na mòr-bhailtean uile naoi-ar‑fhichead, maille rim bailtean beaga.

Agus Sanòah, agus Enganim, Tapuah, agus Enam,

Agus b’i crìoch an oighreachd Sora, agus Estaol, agus Ir‑semes,

Agus bha duine àraidh de Shorah, de theaghlach nan Danach, dom b’ainm Manòah; agus bha a bhean neo-thorrach, agus cha do rug i clann.

Agus thòisich spiorad an Tighearna ra bhrosnachadh air uairean ann an camp Dhain, eadar Sorah agus Estaol.

Agus chaidh a bhràithrean agus taigh a athar uile sìos, agus ghabh iad e, agus thug iad suas e, agus dh’adhlaic iad e eadar Sorah agus Estaol, ann an àit-adhlaic Mhanòah, a athair: agus thug e breith air Israel fichead bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan