Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh an taoibh mu dheas gu uchdaich Acrabim, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cadeis-barnea, agus chaidh i air a h‑aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu Adar, agus ghabh i mun cuairt gu Carcaa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar.

An sin thàinig clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, gu fàsach Shin, anns a’ chiad mhìos: agus dh’fhan an sluagh ann an Cadeis: agus fhuair Miriam bàs an sin, agus dh’adhlaiceadh an sin i.

Mar seo rinn ur n‑athraichean nuair a chuir mi iad o Chadeis-barnea a dh’amharc na tìre:

Agus tillidh ur crìoch on taobh mu dheas gu dìreadh Acrabim, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Sin; agus bidh a dol a‑mach on taobh mu dheas gu Cadeis-barnea, agus gabhaidh i roimhpe gu Hasar-adar, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Asmon:

Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.

Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas.

Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, on charraig, agus suas o sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan