Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Siph, agus Telem, agus Bealot,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

A‑nis b’iad mic Chàleib, bràthair Ierahmeeil, Mesa a chiad-ghin; b’esan athair Shiph; agus mic Mharesah athair Hebroin.

Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium.

Agus Cedes, agus Hasor, agus Itnan,

Agus Hasor, Hadatah, agus Ceriot, agus Hesron (is e sin Hasor),

Agus chruinnich Saul an sluagh an ceann a chèile, agus dh’àireamh e iad ann an Telaim, dà cheud mìle coisiche, agus deich mìle fear de Iùdah.

Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e.

An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon?

Agus dh’èirich iad, agus chaidh iad gu Siph ro Shaul: ach bha Daibhidh agus a dhaoine ann am fàsach Mhaoin, anns a’ chòmhnard air an taobh deas de Iesimon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan