Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad sin uile ann an co‑bhainn ri chèile ann an gleann Shidim, a tha a‑nis na fhairge shalainn.

Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram.

Agus an taobh an ear tòimhsidh sibh o Hauran, agus o Dhamascas, agus o Ghilead, agus o fhearann Israeil làimh ri Iòrdan, on chrìch gu ruig an fhairge an ear: agus seo an taobh an ear.

An sin thubhairt e rium, Tha na h‑uisgeachan seo ag imeachd a‑mach rathad tìr na h‑àird an ear, agus a’ dol sìos don fhàsach, agus a’ dol a‑steach don fhairge; nuair a bheirear iad a‑mach a‑chum na fairge, lèighsear na h‑uisgeachan.

An sin bidh ur ceàrna dheas bho fhàsach Shin, leth ri crìch Edoim, agus is i ur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge saillte a làimh na h‑àird an ear.

B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.

Agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh an taoibh mu dheas gu uchdaich Acrabim, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cadeis-barnea, agus chaidh i air a h‑aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu Adar, agus ghabh i mun cuairt gu Carcaa.

An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan