Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh, nuair a thàinig i da ionnsaigh, gun do bhrosnaich i e gu achadh iarraidh air a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail, agus thubhairt Càleb rithe, Ciod a b’àill leat?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thog Rebecah suas a sùilean, agus nuair a chunnaic i Isaac, theirinn i bhàrr a’ chàmhail.

Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge; agus thug e dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.

Agus nuair a thàinig i da ionnsaigh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail; agus thubhairt Càleb rithe, Ciod as àill leat?

Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan